A' meudachadh misneachd na h-Alba ann a bhith a' làimhseachadh ghearanan poilis tro stiùireadh agus ath-leasachadh gun leth-bhreith
Mu ar deidhinn
ʼS e buidheann neo-eisimeileach a th' anns a' Choimiseanair Gearan Poilis airson Alba (PCCS), nach eil ceangailte ris a' phoileas. Tha e mar dhleastanas òirrne ath-bhreithneachadh a thoirt air an dòigh sa bheil gearanan neo-eucorach mun phoileas air an làimhseachadh le buidhnean poilis ann an Alba. Tha an t-seirbheis againn an-asgaidh agus gun leth-bhreith.
Tha sinn ag amas air cultar de leasachadh leantainneach a thoirt air adhart far a bheil buidhnean poilis ag ionnsachadh bho ghearanan gus piseach a thoirt air cleachdadh, poileasaidh agus dòighean-obrach.
Na tha sinn a' dèanamh
Ma tha gearan agaibh mu oifigear poilis fa leth (ag obair no far an obair), neach-obrach catharra no seirbheis poilis, ma dh'fhaoidte gum bidh an PCCS air chomas sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh san do làimhsich a bhuidheann poilis sin ur gearan.
Mas urrainn dhan PCCS beachdachadh air a' ghearan agaibh feumaidh sibh an toiseach a bhith air gearan a dhèanamh ris a' bhuidheann poilis iomchaidh agus a bhith cinnteach gu bheil iad crìochnaichte nan dèiligeadh ris. Tha seo a' toirt cothrom dhan bhuidheann poilis an gearan a rèiteach. Gheibh sibh seòlaidhean nam buidhnean poilis ann an Alba air an duilleag Ceangalaichean dhen làrach seo.
Ma tha sibh, às dèidh dhan bhuidheann poilis ur gearan a rannsachadh, do-riaraichte leis an fhreagairt a fhuair sibh no an dòigh san deach dèiligeadh ris a' ghearain agaibh, faodaidh an PCCS an uair sin a bhith air chomas sgrùdadh a dhèanamh mun dòigh san deach an gearan agaibh a làimhseachadh (sgrùdadh làimhseachadh gearain).
Ar dòigh-obrach sgrùdadh gearain
Ma tha sibh air dòigh-obrach gearain na buidhne poilis fhèin a leantainn mar-thà, iarraidh sinn oirbh foirm sgrùdaidh gearain a lìonadh a chuidicheas sinne gus ur gearan a thuigsinn nas fheàrr. Faodaidh sibh am foirm seo a lìonadh air-loidhne le bhith a' cliogeadh an seo no faodaidh sibh foirm a tharraing a-nuas agus a chur thugainn tron phost, am post-d no le facs.
Nì sinn sgrùdadh air fìrinn na cùise, a' coimhead air an fhiosrachadh gu lèir a tha air a thoirt seachad leibh fhèin agus a' bhuidheann poilis. Coimheadaidh sinn air mar a ràinig a' bhuidheann poilis na co-dhùnaidhean aca agus nì sinn sgrùdadh air an fhianais air an robh an co-dhùnadh stèidhichte. Thig sinn an uair sin gu beachd a thaobh co-dhiù a chaidh dèiligeadh ris a' ghearan ann an dòigh reusanta.
Builean a dh'fhaodadh tachairt
Ma tha an Coimiseanair a' creidsinn nach robh an dòigh san do làimhsich buidheann poilis gearan reusanta, faodaidh e grunn mholaidhean a chur air adhart, mar eisimpleir:
- gun dèan buidheann poilis atharrachaidhean gus dèanamh cinnteach nach èirich an aon trioblaid a-rithist;
- gun dèan a' bhuidheann poilis tuilleadh rannsachaidh mun ghearan gus am faigh an neach a tha a' dèanamh a' ghearain làn fhreagairt a thaobh na draghan aca gu lèir;
- gu bheil trèanadh agus comhairle air a thoirt dha na h-oifigearan a tha an sàs ann an gearan;
- gun ath-bheachdaich a' bhuidheann poilis air a' ghearan - ann an cuid de shuidheachaidhean 's dòcha gun roghnaich e smachd a ghabhail air an ath-bheachdadh e fhèin, no iarraidh e air cuideigin eile an t-uallach sin a ghabhail.
Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh sa chànan agaibh fhèin, cuireabh fios thugainn. Ma tha sibh ag iarraidh bruidhinn ri cuideigin anns a chànan agaibh fhèin 's dòcha gun tèid againn air eadar-theangaiche a chur air dòigh ma bhios sin riatanach.